Stòrasan
Luchdaich a-nuas Faidhlichean Fiosrachaidh iongantach mu shligheachan-uisge na h-Alba agus lorg Cuairtean tro àiteachan mìorbhaileach.
Duilleag luchd-teagaisg – Plana leasain
Tha an leasan seo a’ toirt cothrom do chlann ionnsachadh mu bheatha fear glaise-uisge air Canàl a’ Ghlinne Mhòir agus leabhar-latha a sgrìobhadh mun bheatha aca fhèin. Sgeamaichean-obrach QCA KS2 NLS Sgrìobhadh Cunntais
Bogsa-brosnachaidh a’ Chanàil Chailleannaich
Is es stòras do na clasaichean aig ceann shuas na bun-sgoile agus ceann shìos na h-àird-sgoile a th´ anns a´ Bogsa-bhrosnachaidh. Thathas ga ùrachadh fad na tìde agus gheibh sgoiltean a tha a´ dol a thadhal air a´ Chanàl Chailleannach agus/no a tha a´ dèanamh pròiseact ma dheidhinn, am Bogsa air iasad an-asgaidh airson teirm. Tha e ri fhaighinn bho Oifis a´ Chanàil Chanilleannaich aig Sligheachan-uisge Bhreatainn, Seaport Marina (Fon: 01463 725 500) agus tha a h-uile càil ga chunmail ann an seann mhàileid mhòr le iomadh sanas neònach air!


