Welcome to WOW

An Canàl Cailleannach

An Canàl Cailleannach

A’ ceangal iar is ear

Tha an Canàl Cailleannach a’ ruith tron Ghàidhealtachd bho Inbhir Nis chun a’ Ghearastain. Tha e a’ ceangal ceithir lochan, Loch Nis ainmeil nam measg, agus tha 60 mìle de dh’fhaid ann. Tha àilleachd na dùthcha, an uiread eachdraidh ’s an caochladh seòrsa ainmhidhean a’ ciallachadh gur e fìor dheagh àite-tadhail a th’ ann. ###Dè th’ ann ri dhèanamh? + Ionad-tadhail A’ Chanàil Chailleannaich aig Cille Chuimein + Staidhre Neptune – tadhail air an obair-innleachd iongantach seo. + Cille Chuimein – seall timcheall a’ bhaile agus faic na soithichean a’ dol tro na glasan-uisge. + Inbhir Nis – gu leòr ri dhèanamh ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd. + Turasan air an uisge – air a’ chanàl is Loch Nis. + Bùth ann an Ionad-tadhail A’ Chanàil Chailleannaich ###Tuilleadh fiosrachaidh a dhìth? [Sligheachan-uisge Bhreatainn](http://www.scottishcanals.co.uk) [Slighe a’ Ghlinne Mhòir[(http://www.greatglenway.com) ###Teaghlaichean Tha tachartasan (faic duilleag nan tachartasan no [www.scottishcanals.co.uk](http://scottishcanals.co.uk) airson dè tha san amharc) agus ionadan cur-seachad sìos is suas an canàl. Faodaidh tu cuideachd a bhith a’ coiseachd, a’ dol air rothair no canù no a’ tadhal air aon de na seallaidhean anns an sgìre. Nach seall sibh timcheall nan glasan-uisge air staidhre Neptune còmhla ri fear a’ ghlais-uisge? Airson turasan nàdair cuir fios air Luchd-glèidhidh Slighe a’ Ghlinne Mhòir. ###Dè mu dheidhinn sgoiltean is buidhnean? Tha fàilte ann an-còmhnaidh ro sgoiltean is buidhnean air a’ Chanàl Chailleannach. Tha stòras mìorbhaileach air nochdadh, Bogsa-brosnachaidh Mòr A’ Chanàil Chailleannaich, a gheibh sgoiltean an-asgaidh air iasad airson teirm. Gheibhear turasan treòraichte cuideachd, le seisean fiosrachaidh anns an sgoil agad ro-làimh.

Where is it?

Go to map

An Canàl Cailleannach
Oifis a’ Chanàil
Seaport Marina
Muirtown Wharf
Inbhir Nis
IV35LS

Materials may be reproduced for educational purposes.

© British Waterways 2007-2012. Privacy statement.